Càineadh air planaichean còmhdhail euslainteach
- Air fhoillseachadh

Chaidh càineadh a dhèanamh air molaidhean bho Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar airson atharrachadh a thoirt air mar a thathas a' pàigheadh airson daoine a bhith a' siubhal cuide ri euslàintich a gheibh cùram air tìr-mòr.
An-dràsta, tha e an urra ris na dotairean moladh cò a bu chòir an leithid de thaic fhaighinn.
Tha Bòrd na Slàinte airson an seòrsa cho-dhùnaidh sin a dhèanamh iad fhèin, ge-tà.
Chaidh £31m chosg air còmhdail euslainteach sna h-Eileanan an Iar thairis air na deich bliadhna a dh'fhalbh.
Tha Bord Slàinte nan Eilean Siar ag ràdh fiù 's ma thèid beagan airgid a shàbhaladh gun urrainn dhaibh sin a chosg air cùram.
Às dèidh sgeamaichean pìleit, tha an dòigh anns an tèid co-dhùnaidhean a dhèanamh mu thaic-airgid a thoirt do dh'euslaintich cuideigin a thoirt còmhla riutha gu tìr-mòr airson cùraim neo bruidhinn ri dotair a' dol a dh'atharrachadh.
An-dràsta 's e co-dhùnadh nan dotairean teaghlaich a tha ann cò a gheibh taic, ach a-niste 's e Oifis Stiùiriche Mhedigich a' Bhùird Shlàinte a cho-dhùineas an tèid pàigheadh airson cudeigin a dhol còmhla ri euslanteach gu Tìr-Mòr.
Tha seo air dragh adhbhrachadh, gu h-àraid am measg bhuidhnean taic aillse nam fear san sgìre.
Tha iadsan ag ràdh gu bheil e deatamach gu bheil cuideigin còmhla riut ma tha dotair ag innse dhut gu bheil aillse ort, agus gun cuir seo barrachd cuideim is uallaich air daoine air a bheil an tinneas.