Atharrachadh air aiseagan

MV Lord of the Isles
Image caption Thèid an MV Lord of the Isles a chur dhan Òban airson slighean eadar am port sin agus Colla, Tiriodh is Colbhasa.

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag ràdh gu bheil iad air atharrachadh eile a thoirt air cuid de na seirbheisean aiseig aca, ri linn a' chuideim a th' air a bhith orra thar àm na Càisge, 's an MV Clansman ga càradh.

Tillidh an MV Hebrides a-niste gu slighe Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh oidhche Luain, 's i a' tòiseachadh air ais air an t-slighe sin Dimàirt.

Thèid an MV Lord of the Isles a chur dhan Òban airson slighean eadar am port sin agus Colla, Tiriodh is Colbhasa.

Agus thèid an MV Hebridean Isles a chur a Loch Baghasdail, airson na seirbheis làitheil dhan Òban.

Ann am brath-naidheachd Diluain, thuirt a' chompanaidh gu bheil iad a' gabhail ris nach bi mar sin, an Lord of the Isles ri fhaotainn airson na slighe eadar Malaig agus Armadal, ach gu bheil iad ag obair air dòighean an suidheachadh sin a leasachadh.

Tha seo uile an eisimeil na sìde, tha iad ag ràdh.

Tha Comhairlichean agus luchd-gnothachais ann an Uibhist air àrd-choinneamh iarraidh 's iad a' gearain air a' bhuaidh a thug mar a bha Cal Mac air na h-aiseagan atharrachadh air thoiseach air àm na Càisge, nuair a tha dùil ri mòran luchd-turais.

Thabhainn Cal Mac leisgeul airson na troimhe-chèile sna làithean mu dheireadh, gu seachd àraid do luchd-siubhail ann an Uibhist a Tuath agus anns na Hearadh, agus thug iad taing do luchd-obrach nam port agus na criuthaichean aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo