Cead-dealbhachaidh thaighean an Stafainn

  • Air fhoillseachadh
StafainnTùs an deilbh, Geograph: Chris McAuley

Chaidh planaichean airson 6 taighean agus goireasan eile a thogail ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach a cheadachadh le Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha Urras an Taobh Sear ag ràdh gu bheil fhathast mòran ri dhèanamh leotha fhèin agus le na buidhnean a tha ag obair còmhla riutha gus am pròiseict a thoirt gu buil.

Tha dùil gum bi feum air tuilleadh thaighean anns an sgìre, gu h-àraid ma thèid plana airson tuathanas èisg a stèidheachadh air adhart.

Thuirt Dòmhnall Dòmhnallach, a tha na bhall den urras, gu bheil obair fhathast romhpa mus tèid na taighean a thogail ach gun robh a h-uile duine air an urras toilichte gun deach cead a thoirt do na planaichean.

Feumaidh an t-urras a-nis an talamh a cheannach agus tha dùil gun toir an obair sin grunn mhìosan.

Ach fhad 's a tha an obair sin a' dol air adhart, thèid an obair togail a chur a-mach gu tairgse.

Òigridh

Thuirt Mgr Dòmhnallach gun d'rinn an t-urras rannsachadh air an iarrtas 'son taighean san sgìre bho chionn 6 bliadhna:

"Fhuair sinn tòrr fhreagairtean a' canail, nam biodh cothrom ann gun gabhadh daoine taighean.

"Bha sin a' tighinn bho dhaoine anns an sgìre fhèin - ach bha barrachd a' tighinn bho dhaoine a bh' air an sgìre fhàgail, air sgàth nach robh taighean rim faotainn air an taobh sear.

"Agus nam biodh cothrom ann, bhiodh iad deònach tilleadh air ais dhan sgìre far an deach an togail.

"Aig an aon àm, bha sinn mothachail gun robh an àireamh de chloinn sa bhun-sgoil air tuiteam.

"Agus bha e follaiseach dhuinn mura faigheadh sinn taighean air ais san sgìre seo, 's cothrom gu h-àraid a thoirt dhan òigridh gum biodh cùisean gu math doirbh san sgoil.

"Agus sin ann an dòigh a thug brosnachadh dhuinn tòiseachadh air seo."