Oidhche mhòr aig bonn na Prìomh Lìge

Anndra Davies is Scott Brown Image copyright SNS
Image caption Bidh County as aonais Anndra Davies às dèidh na h-ionnsaigh seo air Scott Brown Disathairne.

Tha Ross County a' deasachadh airson a' gheama as motha aca den t-seusan is Partaig a' tighinn a dh'Inbhir Pheofharain oidhche Mhàirt.

Tha County an-dràsta aig bonn na lìge, 3 puingean air cùl Phartaig, is 7 geamaichean air fhàgail.

Bidh County as aonais an sgiobair, Anndra Davies, is e air a chasg às dèidh dha càirt dhearg fhaighinn Disathairne.

Tha ceist ann cuideachd mun fhear-ghlèidhidh, Aaron McCarey, is e a' fulang le druim goirt.

Ach tha co-mhanaidsear Chounty, Steafan Fearghasdan, ag ràdh gu bheil iad misneachail.

"Ma nì sinn a' chùis air Partaig thig sinn far bhonn na lìge", thuirt Fearghasdan.

"Fad mhìosan tha daoine air a bhith ag ràdh gu bheil Ross County a' dol sìos, nach fhaigh sinn a-mach às an staing a tha seo, ach sinn fhin, an sgioba-choidsidh is na cluicheadairean, tha sinne a' creidsinn gum faigh sinn a-mach às.

Cruaidh-fheum

"Feumaidh sinn sgioba a thaghadh a bhuannaicheas an geama agus 's e sin a nì sinn", thuirt e.

Cha do bhuannaich Partaig gin de na h-ochd geamaichean mu dheireadh aca.

Tha ceist mun fhear-ghlèidh acasan cuideachd is Tomas Cerny air a dhol dheth an aghaidh Hibs Disathairne.

"'S e geama fìor mhòr a th' ann dhan dà sgioba", thuirt manaidsear Phartaig, Ailean Archibald.

"Tha cothrom againn tarraing air falbh bho Chounty, is cothrom acasan sreap os or cionn.

"Tha cruaidh-fheum againn ri chèile air 3 puingean", thuirt e.

Tha geama eile air a' Ghàidhealtachd oidhche Mhàirt is Caley Thistle a' cur fàilte air Brechin.

'S e geama a tha seo a dh'fheumas sgioba Iain Robasdan a bhuannachadh ma tha dòchas idir gu bhith aca air àite play-off.