Lorgan coise cudromach

Lorg coise Sauropod Image copyright Jon Hoad
Image caption Chaidh na lorgan sauropod fhàgail ann an lagùn tana pollach.

Tha luchd-rannsachaidh aig Oilthigh Dhùn Èideann ag ràdh gu bheil mòran ga ionnsachadh mu dheidhinn mar a bha dìneasaran ag atharrachadh thar nam bliadhnaichean bho lorgan a fhuairear anns an Eilean Sgitheanach.

Chaidh na lorgan dìneasaran a dhèanamh le dà sheòrsa de dhìneasairean bho chionn 170 millean bliadhna.

Chaidh mu 50 lorg coise a lorg air Rubha nam Bràithrean, an ear-thuath an eilein

'S iad an dà sheòrsa a rinn na lorgan, an sauropod - a sheas mu 6tr (2m) de dh'àirde, le amhaichean fada - agus an theropod - a bha mun aon àirde, ach coltach ris an Tyrannosaurus Rex.

Image copyright Streve Brusatte

A dh'aindeoin trioblaidean leis an tìde-mhara, chaidh aig luchd-rannsachaidh air mapa a chruthachadh de na lorgan, agus le bhith a' coimhead orra gu mionaideach, fhuair iad a-mach dè seòrsa dìneasairean a dh'fhàg ann iad.

'S e seo an dàrna làrach a chaidh a lorg le lorgan Sauropod anns an Eilean Sgitheanach.

Tha an luchd-rannsachaidh ag ràdh gu bheil na lorgan ùra seo ann an clachan a tha beagan nas sine na na clachan a chaidh a lorg ann an Dùn Tuilm.

Tha iad ag ràdh gu bheil sin a' sealltainn gun robh an Sauropod a' tighinn beò san sgìre nas fhaide na bhathas a' smaoineachadh roimhe.

Tha lorgan coise dhìneasairean san Eilean Sgitheanach gu math cudromach do luchd-rannsachaidh, leis gur e fear de ghlè bheag àiteachan san t-saoghal far a bheil creagan le fosailean bho mheadhan na Linne Jurassic - àm nuair a bha mòran ag atharrachadh.