Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Giblean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cal Mac

Tha mì-thoileachas mòr ann fhathast mun dòigh san do chuir Caledonian Mac a' Bhriuthainn bàta nas lugha, an Hebridean Isles, air an t-seirbheis eadar Ùige, Loch nam Madadh agus an Tairbeart air deireadh-sheachdain na Càisge. Thill an Hebrides dha na slighean sin an-diugh, ach tha gearain ann a-niste mun bhuaidh a tha sin a' toirt air coimhearsnachdan eile. Tha Cal Mac ag ràdh gur dòcha gum bi tuilleadh thrioblaidean ann leis cho sean 's a tha feadhainn de na bàtaichean aca.

Jeremy Corbyn

Tha Buill-Phàrlamaid agus luchd-iomairt Làbarach am measg na tha a' càineadh Jeremy Corbyn airson a bhith an làthair aig buidhinn Iudhaich air an làimh-chlì, Jewdas, an-raoir. Tha feadhainn de na buill Làbarach ag ràdh gur e dearbhadh a tha sin nach eil Mgr Corbyn dha-rìribh a' creidsinn gu bheil gràin an aghaidh nan Iudhach na thrioblaid anns a' Pàrtaidh Làbarach. Tha Jewdas ag ràdh nach eil anns an àimhreit mu ghràin Iudhach anns a' phàrtaidh ach oidhirp air faighinn cuidhteas Mhgr Corbyn mar cheannard.

Saighdear

Tha saighdear Breatannach a th' aig meadhan rannsachaidh mu bhàs dheugaire Ioracaich bho chionn 15 bliadhna, ag ràdh nach gabh e pàirt sam bith ann an rannsachadh eile mun chùis air a bheileas a' beachdachadh. Tha Mèidsear Raibeart Caimbeul ag ràdh gun deach e fhèin agus dithis shaighdearan eile a cheasnachadh seachd tursan ron seo, agus gum bu chòir dhan chùis a bhith seachad aig sin.

Lunnainn

Tha poilis ann an Lunnainn a' rannsachadh dà thachartas le gunnaichean an-raoir anns an deach nighean, 17 bliadhna de dh'aois, a mharbhadh, agus anns an deach gille a tha 16 a dhroch leòn. Thachair na h-ionnsaighean ann an Tottenham agus ann an Walthamstow, an taobh a-staigh uair de thìde an-raoir.

Dùn Èideann

Tha laigse ann an 19 de thogalaichean ann an Dùn Èideann den aon sheòrsa a bu choireach gun do thuit balla aig bun-sgoil anns a' bhaile bho chionn trì bliadhna. Tha Coimisean a' Chunntais ag ràdh gun deach rannsachadh a dhèanamh an dèidh na thachair aig Bun-Sgoil Oxgangs, agus gu bheil obair a' dol air adhart airson na laigsean eile a chàradh.

Làraidh Sgudail

Dh'ainmich na Poilis am boireannach a chaill a beatha ann an Dùn Èideann an t-seachdain seo chaidh nuair a bhuail làraidh sgudail innte. Bhuineadh Beryl Poole, a bha 90 bliadhna de dh'aois, do Sheffield. Tha rannsachadh a' dol air adhart mun tubaist air Barraid Piersfield anns a' bhaile Dihaoine seo chaidh.