County far a' bhuinn

Alex Schalk. Image copyright SNS

Dh'èirich Ross County far bhonn na Prìomh Lìge às dèidh dhaibh droinneadh a thoirt air Partaig 4-0.

Thug County atharrachadh air an sgioba aca 'son a' gheama mhòir is abair gun do dh'obraich e.

Bha oidhche shònraichte aig Alex Schalk, fear a bha tric air a' bheingidh nuair a bha Owen Coyle na mhanaidsear ann an Inbhir Pheofharain, is trì tadhail aige fhèin.

Thàinig an tadhal eile bho Ross Draper.

Tha County is Thistle a-nise co-ionnan air 25 puingean ach County pìos air thoiseach air tadhail, is an droinneadh a bh' ann air feum mòr a dhèanamh dhaibhsan - is cron air Partaig - a thaobh sin.

'S beag an t-iongnadh gun robh co-mhanaidsearan Chounty, Steafan Fearghasdan is Stiùbhart Kettlewell, air an dòigh.

"Tha sinn air a bhith ag obair leis na balaich fad ghrunn sheachdainean a-nise is tha sinn a' faicinn cho math 's a tha iad", thuirt Fearghasdan às dèidh làimhe.

"Bha fios againn gun robh seo a' tighinn.

"Chan eil ann ach aon gheama, ach tha e a' toirt dhuinn togail gu math mòr is tha sinn far bhonn na lìge.

Image copyright SNS

"Tha sia geamaichean mòra againn a-nise", thuirt e.

Ach fhad 's a bha County a' dèanamh gàirdeachas, 's e oidhche dhubh dhorcha a bha seo do Phartaig.

Tha sgioba Ailean Archibald a-nise gun buannachadh anns na naoi geamaichean mu dheireadh aca is uallach a' sìor fhàs air Archibald fhèin.

"Bha seo na bristeadh-dùil mòr dhuinn", thuirt Archibald.

"Bha sinn truagh aig a' chùl is tha sin air a bhith na chrois dhuinn fad an t-seusain.

"Tha geama fìor mhòr againn a-nise Disathairne, feumaidh sinn na cinn a thogail", thuirt e.

Cuiridh Thistle fàilte air Cill Mheàrnaig Disathairne is Hibs a' tighinn a dh'Inbhir Pheofharain.

Bha tadhail gu leòr sa gheama eile air a' Ghàidhealtachd cuideachd oidhche Mhàirt is Caley Thistle a' buannachadh 4-0 an aghaidh Brechin.

Thàinig na tadhail bho Joe Chalmers (2), Coll Donaldson is George Oakley.