Adhartas air Ionad Hiort na Hearadh

Boigheireigh, Hiort is na stacan Image copyright NTS

Tha planaichean airson ionad Hiort anns na Hearadh a' dèanamh adhartais.

Tha Buidheann Leasachaidh na Hearadh am beachd ionad a thogail air dà làrach, an toiseach a' cur pìos ri ionad Seallam, san Taobh Tuath, ann an co-bhanntachd ris an t-sloinntear Bill Lawson, agus an uairsin ionad eile aig cidhe an t-Òib, bho am bi na mìltean a' fàgail airson tadhal air Hiort fhèin gach bliadhna.

Tha Coinneach MacLeòid bho Bhuidhinn Leasachaidh na Hearadh, den bheachd gun dèan seo uile feum mòr dhan sgìre.

"Bidh seo na chuideachadh mòr dhan sgìre," thuirt e.

Rannsachadh

"Mar thà tha Seallam againn, 's tha Seallam air a bhith a' dol bho chionn bhliadhnaichean.

"Ach tha sinn a' coimhead air a leasachadh ann an dòigh 's gun urrainn dhuinn barrachd innse.

"Tha tòrr stuth aca air a chruinneachadh, agus chan eil an t-àite aca airson a shealltainn.

"Nì sinn deasachadh ann an sin a dh'fhosglas gu mòr a-mach e do bharrachd dhaoine.

"Bidh barrachd chothrom aig daoine tighinn ann. Bidh cothrom aig barrachd dhaoine, tursan bus, 's mar sin, a ghabhail a-steach, nach urrainn dhaibh an-dràsta.

"Agus tha sinn a' coimhead cuideachd air obraichean a thoirt dhan àite.

"Tha mar thà aon duine ag obair làn-thìde ann, ach bhiodhmaid a' coimhead air tuilleadh leasachaidh a dhèanamh an sin.

"Chan ann a-mhàin airson an luchd-turais, ach fad na bliadhna airson rannsachaidh, agus ag obair 's dòcha còmhla ris na sgoiltean 's na colaistean a thaobh eachdraidh dhaoine 's mar sin," thuirt e.