Fear a bhàsaich ann an tubaist rathaid an Gallaibh air ainmeachadh
- Published
Tha poilis air fireannach a chaochail ann an tubaist rathaid air an A9 feasgar Dihaoine ainmeachadh gu h-oifigeil.
B' esan Donnchadh MacAoidh, 37, à Gallaibh, ach a bha a' fuireach ann am Manchester.
Bhàsaich Mgr MacAoidh nuair a thàinig an carbad Porsche aige far an rathaid eadar Inbhir Theòrsa agus Latharan.
B'fheudar do luchd-smàlaidh uidheamachd gearraidh a chleachdadh airson fhaighinn a-mach as a' chàr.
Cha robh carbad sam bith eile an sàs san tubaist.
Thuirt a theaghlach gur e mac, bràthair agus caraid gràdhadh a bh' ann am Mgr MacAoidh.
Thuirt iad gu robh e a' tilleadh dhachaigh a Ghallaibh a choimhead air càirdean is caraidean thairis air saor-làithean na Càisge, ged a bha e air a bhith fuireach ann am Manchester.
Thuirt neach-labhairt nam poileas gun robh iad a' sireadh fianaisean - gu sònraichte draibhear carbad 4x4 geal a bh' ann an sgìre Latharan agus a dh' fhaodadh a bhith air càr Mhgr MhicAoidh fhaicinn goirid ron tubaist.