Seach-rathad an t-Sròim gu bhith dùinte

Seach-rathad an t-Sròim
Image caption Tha maoimtean-slèibhe air an rathad, a tha a' ruith ri taobh na loidhne-rèile air a' chladach, a dhùnadh gu tric.

Thèid seach-rathad an t-Sròim air taobh siar Rois a dhùnadh air an oidhche fad trì mìosan nas fhaide den bhliadhna, a' fàgail turas 140 mìle ro dhràibhearan.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad an-dràsta ag obair còmhla ri Network Rail airson seach-rathad ùr a dhealbhachadh, a cheadaicheadh le càraichean agus carbadan aotrom an loidhne-rèile a chleachdadh eadar trèanaichean.

Tha dùil gun tòisich obair air an leathad an iar air an fhasgadh mhaoime-slèibhe a tha a' còmhdachadh pìos den rathad faisg air Atadal air an 3mh là den t-Sultain.

Tòisichidh sgrùdadh bliadhnail air aodann na creige os cionn an rathaid air an 16mh den Ghiblean, agus mairidh an obair sin còig làithean.