Teine mhonaidh air Eilean Ruim

Eilean Ruim

Chaidh heileacoptair a chleachdadh airson uisge a chur air teintean air a' mhonadh ann an Eilean Ruim.

Thòisich an teine a' losgadh feasgar Diciadain agus e air buaidh a thoirt air mu 50 acair den mhonadh.

Bha luchd-smàlaidh à Malaig agus Àth Tharracail an làthair Diciadain.

Ach chaidh a mheas nach robh cunnart ann do thogalaichean neo do bheatha an fheadhainn a tha a' fuireach air an eilean.

Thèid an suidheachadh a chumail fo aire le Seirbheis Smàlaidh agus Teasargainn na h-Alba.