Beachdan gan sireadh mu phlanaichean an SPA

Planaichean airson Caladh Steòrnabhaigh Image copyright Ùghdarras Caladh Steòrnabhaigh
Image caption Na planaichean aig an SPA 'son caladh domhain

Gheibh am poball cothrom beachd a thoirt air planaichean airson atharrachaidhean mòra a dhèanamh ann an Caladh Steòrnabhaigh.

Tha Ùghdarras Caladh Steòrnabhaigh (SPA) airson an t-àite a leasachadh airson barrachd shoithichean mòra a thàladh ann, 's iad ag ràdh gun tig buannachdan mòra an cois a' phròiseict.

Mar phàirt den leasachadh tha an t-ùghdarras airson caladh domhain a dhèanamh faisg air Gàradh Àirinis agus marina iachtaichean a chuir ann am Bàgh Newton.

Cumar taisbeanaidhean poblach agus coinneamh phoblach airson cothrom a thoirt do dhaoine beachdan a thoirt seachad.

Co-chomhairle

Tha an SPA ag ràdh gun tèid meòireachadh air beachdan dhaoine mus tèid iarrtas foirmeil a chur a-steach airson a' chead-dhealbhachaidh, ceadan-mara agus Òrdugh Ath-sgrùdaidh Chalaidh a tha a dhìth mus urrainn do na pròiseactan gluasad air adhart.

Thuirt Àrd-Oifigear an SPA, Ailig MacLeòid, gun robh na taisbeanaidhean agus a' choinneamh phoblach cudromach dhan phròiseas.

"Tha iad a' toirt cothrom dhuinn na molaidhean againn a chur air adhart agus freagairtean fhaighinn bhon choimhearsnachd.

"Thig buannachdan mòra an cois an leasachaidh airson an eilein air fad agus tha sinn airson gum bi fios aig a' choimhearsnachd na tha san amharc againn, agus tha sinn airson mìneachadh carson a tha na leasachaidhean cho deatamach agus ciamar a thig buannachdan eaconomach ùra nan cois.

"Tha na taisbeanaidhean agus a' choinneamh phoblach a' toirt cothrom dha ar com-pàirtichean cluinntinn mun adhartas a tha sinn a' dèanamh, ach tha iad a' toirt cothrom dhuinne cuideachd èisteachd ri beachdan airson 's gum faigh sinn air an rud a dhèanamh ceart," thuirt Mgr MacLeòid.

Taisbeanaidhean

Tha dùil gun tòir e mu 20 bliadhna an obair a dhèanamh agus tha dùil aig an ùghdarras gun cosg e mu £80m.

Bidh a' chiad taisbeanadh ann Dimàirt an 24mh dhen Ghiblean eadar 10:00m agus 6:00f ann an Talla-Bhaile Steòrnabhaigh agus thuirt an SPA gun tèid innse an uairsin mu na molaidhean agus gun tèid an dòigh a tha iad a' sgrùdadh buaidh nam planaichean air an àrainneachd a mhìneachadh.

Bidh taisbeanadh eile ann Diluain an 4mh den Ògmhios, cuideachd eadar 10:00m agus 6:00f ann an Talla-Bhaile Steòrnabhaigh.

Tha an t-ùghdarras ag ràdh gum mìnichear ann an sin mar a tha na molaidhean air atharrachadh bho bha a' chiad tachartas co-chomhairleachaidh ann agus gun tèid fiosachadh a thoirt seachad mu na sgrùdaidhean àrainneachail.

Image copyright Ùghdarras Caladh Steòrnabhaigh

Thèid taisbeanadh eile a dhèanamh aig coinneimh bhliadhnail an ùghdarrais aig 7:00f air an 23mh den Chèitean san Lanntair ann an Steòrnabhagh.

Thàinig 43 soitheach luchd-turais a Steòrnabhagh ann an 2017, ach 's e glè bheag de shoithichean mòra a tha a' dol ann leis nach fhaigh bàtaichean nas fhaide na 156 meatair ceangal ris a' chidhe.

Tha an SPA ag ràdh gu bheil feum air goireas far an gabh soithichean cho mòr ri 350 meatair ceangal ris a' chidhe agus gun deadh 35 - 40 bàta a bharrachd ann nam biodh sin ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo