Gealltanas mu bhàta 'son Ìle

MV Finlaggan

Dhearbh Ministear Còmhdhail agus Eileanan na h-Alba gum bi an ath bhàt-aiseig a thèid a thogail do ChalMac a' dol a dh'Ìle.

Thug Humza Yousaf an gealltanas seachad aig àrd-choinneamh eaconamach ann am Bogh Mòr san eilean Diciadain.

Tha Còmhdhail Alba an-dràsta an sàs ann an còmhraidhean le CalMac agus a' chompanaidh leis a bheil na bàtaichean aiseig, Stòras Mara Cailleannach Eta (CMAL), a thaobh dè an seòrsa dreach a bhios air a' bhàta.

Ach thuirt Mgr Yousaf gun toir e greis, ionmhas fhaighinn agus gum bi bliadhnachan ann mus tèid am bàta a thogail.

Le sin tha e ag ràdh gum bu chòir beachdachadh air dè a ghabhas a dhèanamh san eadar-ama agus na seirbheisean cho trang.

Bathar

"An urrainn dhuinn barrachd sheòlaidhean a chuir air dòigh? An urrainn dhuinn seòlaidhean a chuir air dòigh air an oidhche? An urrainn dhuinn rud a dhèanamh airson bathair a thoirt far nan seirbheisean àbhaisteach airson barrachd rùm a dhèanamh do luchd-siubhail?" dh'fhaighnich Mgr Yousaf.

Bhiodh seirbheisean bathair na chuideachdadh do ghnìomhachasan cuideachd agus ochd taigh-staile san eilean agus dà eile air fàire.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil Ìle eadar-dhealaichte bho eileanan eile, leis an àireamh de thaighean staile a th'ann agus an àireamh de làraidhean bathair a tha ga'm frithealadh.

"Tha Roinn Ionmhais na Rìoghachd Aonaichte a' faighinn buannachd mhòr às, 's e a' cheist ciamar a gheibh sinn beagan dhan a sin air ais?" thuirt Mgr Yousaf.