Fosglaidh An Lanntair air an t-Sàbaid

An Lanntair

Dh'fhoillsich stiùirichean An Lanntair ann an Steòrnabhagh gun tòisich an t-ionad ealain a' fosgladh gu cunbhalach air an t-Sàbaid.

Chaidh sgeama pìleat fheuchainn eadar am Faoilleach 's am Màrt far an do dh'fhosgail an t-ionad airson aon Shàbaid sa mhios.

Thuirt bòrd stiùiridh an Lanntair gun do sheall an sgeama gun robh iarrtas ann airson a' ghoireas a bhiodh fosgailte seachd latha san t-seachdain, agus ged nach eil e comasach dhaibh sin a dheanamh aig an àm seo - gun tòisich iad a' fosgladh air Latha na Sàbaid cho luath 's a ghabhas.

Deuchainn chonnspaideach

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad air gealltain do luchd obrach nach tèid toirt orra a bhi ag obair air an t-Sàbaid mur a h-eil iad ag iarraidh.

Dh'fhosgail An Lanntair airson a' chiad uair air an t-Sàbaid aig deireadh an Fhaoillich 's am fiolm Star Wars ùr ga shealltainn mar phairt de dheuchainn aig deireadh gach mios eadar am Faoilleach 's a Mhàirt.

Dh'adhbhraich an deuchainn connspaid le cuid a càineadh co-dhùnaidh a' bhuird-stiùiridh fosgladh air an t-Sàbaid.

Luchd-obrach

Ann am brath naidheachd an-diugh dhearbh An Lanntair gur e deuchainn shoirbheachail a bha ann agus gur e miann a' bhùird fhosgladh seachd latha bhon a seo a-mach.

Ach dh'fhaodadh gum bi ùine ann mus fhaicear na dorsan fosgailte seachd latha san t-seachdainn.

Tha An Lanntair ag radh gum biodh iad airson na h-aon sheirbhisean a thoirt seachad air an t-Sàbaid sa bhiodh iad tron a chòrr den t-seachdainn agus nach eil e comasach dhaibh aig an ire-sa, sin a thoirt seachad agus nach fhosgail iad air an t-Sàbaid gus an tèid aca air sin a dhèanamh.

Thuirt iad cuideachd nach cuireadh iad cuideam air gin dhan a luchd obrach aca obrachadh air an t-Sabaid.