Oilthigh a' tabhainn PhD san NC500

Ulapul Image copyright BBC Alba

Dh'innis Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean gu bheil planaichean aca ceum ùr a thabhainn ann an slighe an NC500.

Bidh Ionad Eachdraidh an Oilthigh a' tabhainn PhD ann an co-bhonn ris an NC500 Initiative.

Thèid rannsachadh a dhèanamh air eachdraidh na sgìre agus air an t-slighe fhèin.

Thathar dòchasach gun toir an sgrùdadh piseach air a bhith feuchainn ri eachdraidh na sgìre a thoirt beò ann an inntinn dhaoine.

Thathar cuideachd an dòchas gun tèid aig an oileanach a nì am PhD air an rannsachadh a chuir an cèill tro app didsiteach a bhiodh ri fhaotainn air fònaichean làimhe agus goireasan eile.

Tha slighe an NC500, a chaidh a' stèidheachadh ann an 2015 air leth trang le luchd-turais a' siubhal air feadh a' chinn a tuath timcheall air a' chosta.