Gainnead luchd-obrach aig New Craigs

New Craigs

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil aca ri cuid de na leapanan aca aig ospadal slàinte inntinn New Craigs ann an Inbhir Nis a dhùnadh rè ùine, agus gainnead luchd-obrach orra.

Thuirt iad nach eil luchd-obrach ùr gu leòr a' tighinn a-steach do New Craigs an taca ris na tha a' fàgail.

An-dràsta tha 33 obraichean rin lìonadh ann - 25 dhiubh nursaichean slàinte inntinn.

Mar thorradh air seo chaidh lùghdachadh a thoirt air na th' ann de leapanan, bho 48 gu 42.

Thuirt manidsear NHS na Gàidhealtachd airson slàinte inntinn, Mìcheal Perrera, gun robh dìth luchd-obrach air toirt orra sia leapanan a tharraing airson dèanamh cinnteach gun robh e comasach seirbheis shàbhailte agus èifeachdach a lìbhrigeadh.

Thuirt e cuideachd gun robh iad a' coimhead air grunn fhreagairtean a thaobh luchd-obrach agus na tha an dàn dhan t-seirbheis.