Soithichean crùis a bharrachd an Scràbasdal

Cala Scràbasdail Image copyright Bob Jones/Geograph

Cuiridh Sgràbasdal ann an Gallaibh fàilte air 12 soitheach crùis spaideil am-bliadhna, mar phàirt de dh'iomairt obair a' phuirt a leudachadh.

A thuilleadh air an iasgach, bathair agus gnothaichean aiseig, tha luchd-obrach a' phuirt air obair-crùis a thogail, 's iad ag amas air a bhith cho soirbheachail ri leithid Inbhir Ghòrdain, Circeabhal agus Lèaruig.

Tòisichidh an seusan nuair a thig an Astoria, sa bheil 16,000 tunna de chuideam, agus a th' air a ruith leis a' chompanaidh Iglu Cruise air 1mh an Cèitean.

Thèid luchd-siubhail a thig air tìr a thoirt air tursan bus gu leithid Chaisteil Mhey, Taigh-Staile Pulteny, agus Taigh Iain Ghròt.

Tha dùil gun tadhail mu 170,000 neach-turais air Inbhir Ghòrdain, eadar 92 shoitheach a thig dhan phort am-bliadhna.

Thadhail 140 soitheach air Circeabhal an-uiridh.