Teaghlach Liam a' tilleadh a Hamburg

Liam Colgan Image copyright LBT/Colgan family

Tillidh teaghlach Liam Colgan a Hamburg an t-seachdain seo, dà mhìos às dèidh dha a dhol a dhìth anns a' bhaile.

Thuirt iad gu bheil seo a' tighinn às deidh dhaibh dà aithris às ùr fhaighinn gun deach fhaicinn anns a' bhaile.

Tha Liam air a bhith a dhìth bho thràth sa mhadainn air an 10mh là den Ghearran, nuair a bha e air thuras air thoiseach air banais a bhràthar.

Tha bràthair Liam, Èamonn, agus a leannan Susan an dòchas spionnadh às ùr a thoirt dhan iomairt gus lorg fhaighinn air.