Pàipearan-naidheachd Uibhist air itealan

Port-adhair Bheinn nam Faoghla

Tha Loganair ag obair ann an compàirteachas le News Scotland gus pàipearan-naidheachd a chur a-null a dh'Uibhist.

Chaidh fàilte a chur air fios gum biodh na pàipearan a' dol a dh'Uibhist air an itealan a-rithist, seach air an aiseag.

Tha sin a' ciallachadh gum faigh muinntir nan eilean na pàipearan aca sa mhadainn seach air an fheasgar bhon ath-sheachdain.

Tro chlàr-ama an t-Samhraidh, eadar Diluain agus Dihaoine tha itealan a' fàgail Ghlaschu gach madainn aig 07:15m.

Bhon 16mh là den mhìos seo, thèid na pàipearan air an itealan seo agus an uairsin thèid an sgaoileadh air feadh bhùithdean Uibhist.

Tha seo a' ciallachadh gu bheil muinntir nan eilein gam faighinn nas tràithe agus nach ruig iad a leas feitheamh gus an tig an t-aiseag leotha feasgar.

Chuir Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar agus fear de chomhairlichean na sgìre, Uisdean Robasdan fàilte air an naidheachd.

Thuirt e gur e deagh eisimpleir a tha seo air mar a tha Loganair a' cur taic ris na coimhearsnachdan air a bheil iad a' frithealadh.