Rabhadh gu bheil am plùc a' sgapadh

Caoraich Image copyright Getty Images

Tha am plùc nas miosa am measg chaorach agus cruidh an-dràsta na tha e air a bhith bho chionn bhliadhnaichean.

Às dèidh samhraidh gu math fliuch an-uiridh, tha rabhadh ann do thuathanaich 's croitearan gu bheil an galair a' sgapadh.

Thuirt Niall MacLeòid, a tha a' cumail chaorach, gu bheil e cuideachd nas dualtaiche bualadh air taobh siar na h-Alba.

"Chan e sin a-mhàin, tha iad a' cantainn gu bheil beathach eadar-dhealaichte againne, mura robh an còrr a dhìth oirnn.

Tinn

"Tha mi a' creidsinn nach eil gnìomhachas ann a tha a' call uiread de dh'airgead air sgàth a' phlùic ri daoine a tha ag obair le caoraich is crodh," thuirt Mgr Macleòid.

Bidh an galair a' toirt air na beathaichean cuideam a chall agus tha e gam fàgail gu math tinn.

Agus mura tèid dèiligeadh leis, dh'fhaodadh iad bàsachadh.

"Bheir e buaidh air na h-uain cuideachd," thuirt Mgr MacLeòid.

"'S ann anns an adha a tha e ag obair, agus tha feadhainn ag òl na fala aca cuideachd.

"Fàsaidh iad bochd bochd, 's bàsaichidh iad air do bheulaibh.

"Tha e cho cunnartach sin."

Tha dragh ann gu bheil an galair a' fàs cleachdte ris an dòs a tha na beathaichean a' faighinn agus cunnart ann nach biodh sin gu mòran feum.

Agus thathar a' moladh gum bu choir do chroitearan is tuathanaich measgachadh de stuthan leigheis a thoirt do na beathaichean.

"Feumaidh tu a bhith gu math faiceallach," thuirt Mgr MacLeòid.

"Ma bheir thu dhaibh cus tha thu a' dèanamh barrachd cron.

"'S e an stuth ceart a thoirt dhaibh.

"Aon stuth 's e Triclabenzadole. Sin am fear as fheàrr a th' ann.

"Ach tha daoine ag obair le feadhainn eile a tha a' dèanamh siud agus seo, a tha a' dèanamh na poiteige agus na seilcheige.

"Chan eil ach aon mhìos den bhliadhna a bu chòir do dhaoine sin a chleachdadh.

"Ach 's e gun a bhith a' cleachdadh an aon stuth ro thric," thuirt e.