Ath-sgrùdadh air plana Uisge na h-Alba an Geàrrloch

Gearrloch Image copyright Emma Smith

Tha Uisge na h-Alba a' dèanamh ath-sgrùdaidh air planaichean connspaideach a th' aca san amharc air ionad an uisge ann an Geàrrloch.

Tha mòran san sgìre feargach mu na planaichean agus daoine a' togail fianais nan aghaidh air an tràigh air a' mhìos a chaidh seachad.

Tha muinntir an àite agus luchd-poileataigs ionadail ag ràdh gur e ceum air ais a th' anns na molaidhean.

Cha bhiodh siostam sìoladh sònraichte UV aig ionad Fàsaich a' dol ach fad còig mìosan sa bhliadhna.

Tro na seachd mìosan eile, dheadh seann uisge fhàgail ann an tancaichean mus deadh a leigeil às sa bhàgh.

Thuirt Uisge na h-Alba Diardaoin gu bheil iad a' sgrùdadh nam planaichean a-rithist air sgàth an dragh a th' air a' choimhearsnachd.

Chuir BPA na sgìre, Maree Todd, fàilte air an naidheachd, agus thuirt i gum bu chòir do mhuinntir na sgìre a bhith an sàs ann an deasbad sam bith air na molaidhean ùra.