Dragh mu chladhan am Muile

Tobar Mhoire Image copyright WFMillar/Geograph

Tha dragh air muinntir Mhuile mu cho beag 's a tha de rùm air fhagail ann an cladhan an eilein.

Tha cuid dhuibh làn mar thà, agus tha cuid eile gu math faisg air a bhith làn.

Tha dragh ann gu bheil an dà chuid àireamh an t-sluaigh agus an àireamh de sheann daoine a tha a' fuireach ann ag èirigh.

Tha Comhairle Choimhearsnachd Mhuile air an iomagain a th' orra mun t-suidheachadh a thogail.

Tha iad ag iarraidh air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid feuchainn ri fuasgladh fhaighinn air an t-suidheachadh.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil iad a' sgrùdadh na cùise.

Nochd e nach eil ach 12 àite air fhàgail sa chladh ann an Tobar Mhoire.

Tha talamh a bharrachd aig an ùghdarras ionadail ri taobh a' chladh an sin, ach tha obair-leasachaidh a dhìth air an talamh a bheir ùine - suas ri dà bhliadhna - gus am bi e deiseil airson a bhith air a chleachdadh.

Tha seachd cladhan ann am Muile uile gu lèir.

Nochd dragh ann am Muile mu cho beag àiteachan amhlacaidh a tha air fhàgail air an eilean. Tha e coltach gu bheil na cladhan air an eilean an dàrna cuid làn, no gu math faisg air. Aig an aon àm, tha an àireamh sluaigh air an eilean a' fàs agus an àireamh sheann daoine cuideachd a' dol suas. Tha sin a' fàgail Comhairle Choimhearsnachd Mhuile draghail mun chùis, agus iad ag iarraidh air Comhairle Earra Ghaidheal is Bhòid rudeigin a dhèanamh mun t-suidheachadh. Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil iad ri sgrùdadh air a' chùis.