Rannsachadh ga iarraidh air Cal Mac

MV Coir' Uisg' Image copyright Cal Mac
Image caption Thugadh an MV Coir' Uisg', a chaidh a dhealbhachadh airson slighe Armadail, air falbh a Mhuile bho chionn trì bliadhna.

Tha Fòram Còmhdhail Shlèite ag iarraidh rannsachaidh fharsainn air dòighean-obrach Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gur e an dòigh sa bheil Cal Mac a' cur nam bàtaichean aca am feum as coireach ri troimhe-chèile air na seirbheisean.

Agus tha iad gu h-àraid draghail mun t-seirbheis eadar Malaig agus Armadal.

"An t-seirbheis againne eadar Malaig is Armadal, 's e sin an tè as motha a tha a' fulang den a h-uile seirbheis a th' ann, leis cho mì-chothromach 's a tha Cal Mac a' riaghladh nan seirbheisean aca," thuirt cathraiche an Fhòraim, Ruairidh Moireach.

"Tha sinn a' faicinn bho thòisich i deireadh a' Mhàirt gu bheil còrr is 120 de na seirbheisean a bha sa chlàr-ama air an cur dheth.

"Tha seo air sgàth gun tug iad air falbh am bàta mòr a bha gar frithealadh, 's e sin an Lord of the Isles nuair a thigeadh i a-nall à Loch Baghasdail.

"Bha còir aice a bhith a' dèanamh trì tursan san là.

"Agus an uair sin tha an tè a th' ann, an Loch Fyne, chan urrainn dhi obrachadh ach a rèir mar a tha an tìde mhara, agus tha tòrr de na seirbheisean aice-se air an cur dheth cuideachd ma bhios an tràigh a-muigh," thuirt e.

Chaidh am bàta a chaidh a dhealbhachadh airson slighe Armadail, an MV Coir' Uisg', a thoirt air falbh a Mhuile bho chionn trì bliadhna.

"Dh'fhàg iad sinne le soithichean nach eil freagarrach air dhòigh sam bith. Tha iad aosta, tha iad ro bheag agus chan eil iad comasach air dèiligeadh ris an tìde-mhara no ris an aimsir a tha a' tighinn orra ann an seo ann an Caolas Shlèite.

"Chan e càil a thàinig orra gun fhiosta dhaibh a tha seo, bhon bha suidheachadh ann ann an 2010 nuair a thuirt cathraiche Chal Mac aig an àm, b' e sin Peter Tims, gun robh na soithichean ro aosta, gun robhas feumach air a bhith a' togail soithichean ùra gach bliadhna airson an t-seirbheis a fhrithealadh.

"Nis, cha do thachair sin, agus tha sin gar fàgail an-diugh anns an t-suidheachadh anns a bheil sinn.

"'S e an riaghaltas a tha rin coireachadh an seo gu tur, airson a h-uile càil a tha a' tachairt an seo.

"Cha do chum iad airgead ri Cal Mac airson soithichean a thogail no soithichean a cheannach.

"Agus anns an dàrna àite 's e Riaghaltas na h-Alba a thug air falbh an soitheach againne, an Coir' Uisg'.

"'S iadsan a rinn an co-dhùnadh sin, agus a chuir a Mhuile i, agus tha sin a' fàgail staing uabhasaich aig luchd-frithealaidh luchd-turais ann an Slèite.

"Tha sinn ag iarraidh gun tèid sealltainn ri mar a tha an riaghaltas a' maoineachadh Chal Mac. 'S e sin a' chiad rud.

"Agus mar a tha Cal Mac air a riaghladh, agus cò a tha a' dèanamh nan co-dhùnaidhean, agus cò às leth a tha iad ag obrachadh.

"Bhon, tha sinne a' faicinn an seo, Malaig is Armadal, bha cairteal de mhillean duine tarsainn an sin an-uiridh.

"'S e seo an còigeamh slighe as trainge a th' aig Cal Mac anns an lìonra aca gu lèir.

"'S e an t-Eilean Sgitheanach an dàrna àite as fheàrr le daoine a bhith a' tighinn ann ann an Alba.

"Agus aig a' cheart àm tha an riaghaltas iad fhèin a' dèanamh co-dhùnadh a tha a' dol calg-dhìreach an aghaidh leasachadh a thoirt air a h-uile càil a tha sin. Tha iad a' cur a h-uile càil a tha sin air ais," thuirt e.