Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Giblean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha an Caibineat a' coinneachadh an-diugh a dheasbad freagairt Bhreatainn do dh'amharas gu bheil feachdan Sirianach air a bhith a' cleachdadh armachd ceimigich. Tha dùil ri co-dhùnadh an-diugh cuideachd an toir na Stàitean Aonaichte ionnsaigh armaichte air Siria. Tha e coltach gu bheil Theresa May deònach Breatainn a chur an sàs ann an ionnsaigh den t-seòrsa sin gun chead na Pàrlamaid.

Salisbury

Thig tuilleadh fiosrachaidh an-diugh bho bhuidhinn faire na h-armachd ceimigich, an OPCW, mun rannsachadh air an ionnsaigh phuinnseanta air an t-seann fhear-brathaidh Sergei Skripal, 's an nighean aige Yulia ann an Salisbury. Tha Breatainn a' cur coire air an Ruis ged a tha Mosgo a' sìor dhol às àicheadh.

An Nancy Glen

Chaidh an Nancy Glen, am bàt-iasgaich a chaidh fodha faisg air Tairbeart Loch Fìn bho chionn trì mìosan a thogail far ghrunnd na mara. Thèid oifigearan poilis air bòrd a dh'fhaicinn a bheil cuirp dithis den chriutha, Donnchadh MacDhùghaill agus Przemek Crawczyk, fhathast am broinn a' bhàta.

Cal Mac

Sgrìobh Fòram Còmhdhail Shlèite gu Ministear Còmhdhail na h-Alba, Humza Yousaf, ag iarraidh rannsachaidh fharsainn air dòighean-obrach Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn. Tha a' bhuidheann ag ràdh gur e an dòigh sa bheil Cal Mac a' cur nam bàtaichean aca am feum as coireach ri troimhe-chèile air na seirbheisean. Tha iad a' gearain gu h-àraidh air a' bhuaidh a tha cruth na seirbheis eadar Malaig agus Armadal a' toirt air an eaconomaidh ionadail.

Geàrrloch

Leig Uisge na h-Alba fhaicinn an-diugh gun do tharraing iad an t-iarrtas airson atharrachadh air an dòigh sam bi iad a' dèiligeadh ri uisge òtrachais ann an Geàrrloch. Chuir am plana a bh' aca fearg air muinntir na sgìre a chaidh cho fada ri bhith a' togail fianais phoblaich air an tràigh an sin air a' mhìos a chaidh. Thuirt Uisge na h-Alba an-diugh gum bi iad, leis na tha de dhragh anns an sgìre mun phlana, a' dèanamh ath-sgrùdaidh air.

Sir Cliff Richard

Tha Sir Cliff Richard aig an Àrd-Chùirt an-diugh le cùis-lagha an aghaidh a' BhBC. Tha Sir Cliff ag iarraidh airgead dìolaidh bhon BhBC a chraol dealbhan agus fiosrachadh mu rèad a rinn poilis air an dachaigh aige ann an 2014. Tha dùil ri stiùireadh bhon Chùirt a thaobh am faod na meadhanan ann an suidheachadh sam bith duine ainmeachadh a tha fo amharas, ach nach eil fo chasaid.

Cosgaisean Lìbhrigidh

Thug Ùghdarras na Sanasachd rabhadh do luchd-reic gum feum iad a bhith soilleir mu chosgaisean lìbhrigidh air feadh na dùthcha. Tha an t-ùghdarras ag ràdh gum feum companaidhean cosgaisean a dhèanamh follaiseach anns a' chiad dol-a-mach, seach a bhith a' cur cosgais bathair an sàs an dèidh làimh. Thèid casg bhon shanasachd air luchd-reic nach gabh ris an òrdan ùr seo ro dheireadh a' Chèitein.