£830,000 son Gàradh a' Bhàgh a' Tuath

Glasraich

Fhuair buidheann charthannais Gàradh a' Bhàgh a' Tuath ann am Barraigh £830,000 bhon Chrannchar Nàiseanta airson seirbheisean a leudachadh do dhaoine ciorramach, daoine le feumalachdan sònraichte, agus daoine le trioblaidean dibhe is drugaichean.

Thèid an t-airgead a chosg air ionad ùr airson seirbheisean nas fheàrr a thoirt seachad dha na daoine seo.

An-dràsta bidh a' bhuidhean a' toirt seachad trèanadh do dhaoine le feumalachdan sònraichte, nam measg sin a bhith fàs agus abachadh lusan, measan is ditheanan anns a' ghàradh aca sa Bhàgh a' Tuath agus an uairsin gan reic aig prìs reusanta eadar Barraigh, Bhatarsaigh, Èirisgeigh is Uibhist.

Sgilean

Bidh iad a' ruith cafe là san t-seachdain cuideachd anns an talla anns a' Bhagh a' Tuath.

Tha seo a' toirt cothrom dhan buidheann sgilean ionnsachadh a thaobh còcaireachd agus a bhith a' frithealadh air daoine.

Tha e cuideachd a' toirt cothrom dhan a' choimhearsnachd agus luchd-turais blasad fhaighinn air na tha 'Gàradh a' Bhagh a' Tuath' air a bhith fàs.

Cosnaidhean

Leis an t-airgead bhon Chrannchar Nàiseanta thèid togalach ùr a chur suas far am faod diofar bhuidhnean, a tha toirt seirbheisean seachad do dhaoine le diofar feumalachdan, a bhith ag obair san aon àite.

Bidh àite-treanaidh a bharrachd ann, a thuilleadh air rùm airson cafe a bhith aca fad na seachdain.

Tha dùil gun tèid cosnaidhean pàirt-ùine a chruthachadh am measg na planaichean aca, a bharrachd air tuilleadh chothroman do dhaoine a tha ag iarraidh a bhith ag obair gu saor-thoileach.