Poilis a' lorg àireamh de dh'eòin chreachaidh marbh

golden eagle
Image caption Chaidh Iolaire Bhuidhe fhaighinn marbh ann am Barraigh is fhuaireadh nach robh dad amhrasach mu bhàs.

Dh'iarr Poilis na Gàidhealtachd 's nan Eilean air duine sam bith a' lorgas closach eòin chreachaidh, fios a chur thuca.

Tha seo às dèidh mar a fhuaireadh ceithir closaichean de dh'eòin chreachaidh thairis air na beagan sheachdainean a chaidh seachad.

Ged nach robh dad amharasach mun deidhinn, thug e cothrom do na Poilis na closaichean a thoirt seachad dha lìghichean-sprèidh feuch dè thug bàs dha na h-eòin.

Fhuaireadh clamhan agus comhachag bhàn marbh ann an Siorrachd Rois, clamhan eile ann an Srath Spèidh, agus iolaire bhuidhe ann am Barraigh.

Deuchainnean

Às dèidh dheuchainnean air na cuirp, fhuaireadh nach robh dad amharasach mu na bàis aca.

Tha a h-uile coltas gun do dh'eug na clamhain is a' chomhachag bhon acras thairis air a' Gheamhradh.

Thug an Insp. Mike Middlehurst taing dha na daoine a thug na h-eòin seo gu aire nam Poileas.

"Ged nach robh sìan amharasach mu na bàis seo, tha sinn taingeil am fiosrachadh fhaighinn.

Buaidh na h-Àireannachd

"Dh'iarradh sinn air duine sam bith a thig tarsaing air eun creachaidh marbh bruidhinn rinn air an àireamh fòn 101".

Thuirt Àrd-Lighiche-Sprèidh Colaiste Àiteachais na h-Alba, Franz Brulisauer, gu bheil e cudromach dhaibh sgrùdadh a dhèanamh air na h-eòin 'son tuigse nas fheàrr fhaighinn air dè tha fa-near dhaibh, càite am bi iad a' siubhal, agus 'son sùil a chumail air cùisean a thaobh flù nan eun.

Bidh iad cuideachd a' dèanamh sgrùdaidh air puinnsean sam bith nam bodhaig a tha a' tighinn bho rudan anns an àrainneachd agus mar a tha iad sin a' toirt buaidh air na h-eòin.