Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh a' fosgladh

Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Dh'fhosgail Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh do sgoilearan Diluain.

'S i a' chiad sgoil Ghàidhlig a chaidh a thogail as ùr anns na h-eileanan.

Dh'fhàg 123 leanabh Bun-sgoil Phort Rìgh, a tha a-nise na bun-sgoil Bheurla a-mhàin.

Tha am proiseact air a bhith connspaideach agus air sgaradh bheachd a dhèanamh.

Chumar a' chiad cho-chomhairle mun sgoil mu dheich bliadhna air ais.

Chosg an sgoil corr is £10m, le cosgaisean eile an luib na h-obrach gu lèir, leithid leasachadh ostail na h-àrd-sgoile agus an rathad chun na bun-sgoil ùire.

Chaidh an sgoil a thogail air làrach an t-seann ostail, a-mach rathad an t-Sruthain mus ruigear pàirce iomain a' bhaile.

Tha seachd seòmraichean teagaisg ann - rùm airson gach bliadhna - agus gabhaidh gach seòmar 25 sgoilearan, le rum airson 175 sgoilearan uile gu lèir.

Tha dà rum ann cuideachd dha Sgoil-àraich Phort Rìgh agus rum fa leth airson a' chròileagain.

Tha 46 duine cloinne sa sgoil-àraich.

Connspaid

Dh'adhbhraich am pròiseact sgaradh bheachd aig amannan.

Thuige seo cha robh ach aon bhun-sgoil ann am Port Rìgh agus bha foghlam tro mheadhan na Beurla agus Gàidhlig ga thabhainn innte.

Eadar an dà bhun-sgoil a tha ann a-nis tha rum airson corr is 500 sgoilear, ach le nas lugha na 300 a' dol annta aig an ìre-sa.

Tha an àireamh dhaoine a tha a' tighinn a dh'fhuireach san Eilean Sgitheanach a' fàs, ge-ta, agus tha planaichean ann airson nan ceudan thaighean a thogail timcheall air Port Rìgh.

Leis a sin, tha beachd ann gun èirich an àireamh chloinne a bhios a' dol gu sgoiltean a' bhaile agus gun tèid na sgoiltean a lìonadh san àm ri teachd.

Tha Faye NicNèill am measg nam pàrantan a tha a' cur fàilte air an sgoil ùir agus tha i ag ràdh gu bheil iarrtas ann air a son.

"S e a' chomhairle fhèin an toiseach a thog a' cho-chomhairleachadh agus mar sin bha Comunn nam Pàrant gu math toilichte a dhol an cùl a' bheachd a bha sin agus a ràdh gu robh iarrtas ann an dèidh beagan bruidhinn a dhèanamh ri pàrantan ann am Port Rìgh air sgàth 's gu bheil àireamh na cloinne a tha a' dol tro foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann am Port Rìgh ag èirigh, gu h-àraid anns na clasaichean aig a' cheann às ìsle dhen sgoil," thuirt i.

Dùbhlain

Sheall co-chomhairle a rinn Comhairle nam Pàrant bho chionn bliadhnaichean, ge-ta, nach robh a' mhòr-chuid de phàrantan san fharsaingeachd ann am Port Rìgh ag iarraidh sgoil Ghàidhig. Thuirt cuid gun adhbhraicheadh i sgaradh sa choimhearsnachd.

Ach chan e sin a thàinig à co-luadar a rinn Comhairle na Gàidhealtachd air a' chùis. Cho-dhùin sin gun robh taic ann.

Thuirt Hamish Friseal, a bha na chathraiche air comataidh Gàidhlig an ùghdarrais ionadail, gun robh dubhlain ann sa chiad dol a-mach.

"Bha mòran dhuilgheadasan ann timcheall air càite an deadh an sgoil, ciamar a dheadh barrachd bhuannachd às an sgoil fhèin.

"Tha sgoil Ghàidhlig againn an-diugh a tha gu math cudromach dha Gàidhlig. Tha ostail ùr againn 'son a' chlann a tha a' siubhail bho iomadach pàirt dhen eilean seo gu Sgoil Phort Rìgh agus tha campus againn a-nis ann am Port Rìgh, trì gu 18 agus a' Ghàidhlig am measg sin uile gu lèir. Mar sin 's e rud math a th' ann. Bha mòran obrach againn ri dhèanamh còmhla ris an riaghaltas a chur taic airgid ris an sgoil ùr a tha seo.

Cosgais

Le sgoiltean an Ath Leathainn agus Dhùn Bheagainn a' cur feum air obair-càraidh tha cuid a' togail cheist mun t-suim airgid a chaidh a chosg air Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh.

Bha ceannard Bun-sgoil Phort Rìgh aig an àm, Iain Fionnlasdan, a tha a-nis na chomhairliche, gu mòr an aghaidh sgoil Ghàidhlig ùr.

"An t-seachdain sa chaidh bha aon sgoil againn ann am Port Rìgh agus bha a' chlann sa sgoil a' faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus tro mheadhan na Beurla.

"Bha na pàrantan agus a' choimhearsnachd uile gu lèir ag obair còmhla agus toilichte leis an fhoghlam a bha a h-uile duine a' faighinn," thuirt Mgr Fionnlasdan.

Thuirt Mgr Fionnlsadan nach robh e cothromach gun robh cuid de chloinn sa bhaile a' faighinn goireasan ùra, nuair nach robh feadhainn eile.

Sporan eile

Ach, thuirt Art MacCarmaig, a tha ann an Comunn nam Pàrant ann am Port Rìgh, gun d'thàinig cuid den airgead bho phoit nach biodh ri fhaotainn 'son leasachadh air sgoiltean eile.

"Thàinig cha mhòr an dàrna leth den airgead airson na sgoil Gàidhlig bho Riaghaltas na h-Alba, gu sònraichte bho sporan calpa a th' aca 'son sgoiltean Gàidhlig," thuirt e.

"'S e glè bheag, ann an dòigh, de dh'airgead Comhairle na Gàidhealtachd a chaidh a chosg air an sgoil Ghàidhlig ma tha thu a' coimhead air gun deach an t-airgead a chosg, 's dòcha, thairis air trì neo ceithir bliadhnaichean ionmhais, 's mar sin chan eil fhios a bheil sin air buaidh a thoirt air sgoiltean eile a tha a' cur feum air leasachadh.

"Tha sinn mothachail dha-rìreabh air staid nan sgoiltean anns an sgìre a tha seo ach ann an dòigh 's e ceist do Chomhairle na Gàidhealtachd a tha seo, chan e ceist do Chomunn nam Pàrant Port Rìgh a th'ann," thuirt Mgr MacCarmaig.