Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Giblean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Thèid Theresa May a' ceasnachadh sa Phàrlamaid feasgar mun cho-dhùnadh pàirt a ghabhail anns na h-ionnsaighean air Siria air an deireadh sheachdainn. Tha am Prìomhaire ag iarraidh cead deasbad èiginn a chumail ann an Taigh nan Comantan agus mì-thoileachas ann nach deach cead iarraidh bho bhuill pàrlamaid an toiseach mas deach Breatainn an sàs anns na h-ionnsaighean.

Armachd cheimigeach

Tha a' bhuidheann 'son casg air armachd cheimigeach a' coinneachadh 'sa Hague 'son deasbud air casaidean gun deach armachd cheimigeach a chleachdadh ann an Siria. Tha aithrisean ann gun do chaill corr 's 40 duine am beatha nuair a chaidh stuth puinnseanta a leagail air Douma faisg air Damascus bho chionn naoi latha.

Comey

Thuirt Seumas Comey, a bha na stiùiriche air an FBI gus an do chuir Dòmhnall Trump a-mach às an dreuchd e, nach eil an ceann-suidhe na bheachd-san fut gu moralta 'son na dreuchd agus gu faodadh e cuideachd a bhith ann an suidheachadh far an dèanadh an Ruis màl-dubh air. Thuirt Mgr Trump gu bheil Seumas Comey breugach.

Brexit

Tha cuairt ùr de chomhraidhean Brexit a' tòiseachadh anns a' Bhruiseal an-diugh. Bidh oifigich an Rìoghachd Aonaichte agus an Aonaidh Eorpaich, seach luchd-poileataics, a' deasbad nan cuisean air nach d'thàinig iad gu aonta, an dèidh a' chiad phàirt de na còmhraidhean.

Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Dh'fhosgail Bun-sgoil Ghàidhlig ùr Phort Rìgh an-diugh an dèidh do chòrr is 120 leanabh aig aois na bun-sgoile agus faisg air 50 aig ìre sgoil-àraich gluasad bhon a' bhun-sgoil a bh' ann agus tha na niste na sgoil Bheurla a mhàin. Tha corr 's deich bliadhna ann bho thòisich cuid de phàrantan air iomairt 'son sgoil Ghàidhlig air leth, ged a bha feadhainn na h-aghaidh cuideachd.

Tinneas Lyme

Thèid tuilleadh fiosrachaidh a thoirt do mhuinntir Uibhist 's Bharraigh an t-seachdainn seo mun rannsachadh sa sgire air tinneas Lyme, far am bheil e gu math nas bitheanta na th' ann sa chòrr den dùthaich. Bidh a' choinneamh phoblach Dimairt ann an Talla Baile a' Mhanaich an ath-oidhche a' tòiseachadh aig 7:30f.