Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Giblean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion Cosnaidh

Thuit an àireamh dhaoine ann an obair ann an Alba 17,000 eadar an Dùbhlachd agus an Gearran. Dh'èirich an àireamh dhaoine a' sireadh obrach 3,000, a' toirt ìre a' chion cosnaidh gu 4.2% a rèir nam figearan as ùire. Tha sin co-ionnan ris an ìre airson na Rìoghachd Aonaichte air fad. Dh'innis Oifis na Staitistig Nàiseanta cuideachd gun do dh'èirich tuarastalan anns a' chumantas 2.8% an coimeas ris a' bhliadhna roimhe - beagan nas ìsle na ìre na h-atmhorachd.

Bilichean Brexit

Chaidh iarraidh air a' Phrìomh Chùirt riaghladh air a bheil bilichean Brexit Pàrlamaid na h-Alba agus Seanadh na Cuimrigh laghail. Thuirt an t-Àrd-Neach-Tagraidh Jeremy Wright, gun robh na bilichean a' cruthachadh tòrr mhì-chinnt do dhaoine agus do ghnìomhachasan fhad 's a tha Breatainn a' fàgail an EU. Thuirt Àrd-Neach-Tagraidh na h-Alba, am Morair Keen, gun robh e cudromach iarraidh air a' Phrìomh Chùirt a' chùis a shoilleireachadh.

Siria

Thèid deasbad èiginneach eile a chumail ann an Taigh nan Cumantan an-diugh air co-dhùnadh an Riaghaltais ionnsaighean adhair a thoirt air làraichean ann an Siria. Tha na Làbaraich agus an SNP mì-thoilichte nach deach beachd na Pàrlamaid iarraidh mus deach iad an sàs sna h-ionnsaighean. Thuirt am Prìomhaire an-dè gun robh an co-dhùnadh ceart gu laghail agus gu moralta.

RBS na h-Aghaidh Mòire

Togaidh buill an aonaidh Unite fianais san Aghaidh Mhòir an-diugh 's iad a' cur an aghaidh phlanaichean Bhanca Rìoghail na h-Alba airson meuran a dhùnadh ann an grunn sgìrean dùthchail. Bhiodh banca na h-Aghaidh Mòire nam measg. Thuirt RBS gu bheil tòrr a bharrachd dhaoine a-niste a' cleachdadh seirbheisean air-loidhne an àite a bhith a' dol a-steach dha na bancaichean fhèin.

Basgaidean Tesco

Tha bùth Tesco ann an Steòrnabhagh air iarraidh air daoine basgaidean a thug iad bhon bhùth a thilleadh thuca. Thuirt iad gu bheil suas ri 15 air a bhith a' dol a dhìth gach seachdain, agus nach eil basgaidean uèire làimhe air fhàgail. Tha iad air òrdugh a chur a-steach airson feadhainn ùra, ach cha tig iad sin airson sia seachdainnean. Thuirt Tesco, ma thilleas daoine na basgaidean chun na bùtha nach tèid ceistean sam bith a chur orra.