Planaichean taigheadais air Ghàidhealtachd

Baile Eòghainn Image copyright Google

Thèid planaichean airson dà leasachadh mòr thaighean air taobh sear Rois air beulaibh chomhairlichean Dimàirt.

Tha a' chompanaidh Makar air cead iarraidh airson 160 taigh ùr a thogail an ear-thuath air Baile Eoghainn, le oifigich a' moladh gun tèid gabhail ris na planaichean aca.

Thèid fios a chur gu comhairlichean cuideachd gu bheil Caidreachas Taigheadais na Gàidhealtachd cuideachd airson 150 taigh a thogail deas air Baile Eoghainn.

Tha an caidreachas a' sireadh cead dealbhaidh ann am prionnsabal Dimàirt.

Tha planaichean Makar aig ìre nas adhartaiche.

Tha iad-san a' moladh àite a chur mu seach airson àiteachan cluiche do chloinn, liosan beaga agus gnìomhachasan.