Dùil ri naidheachd mu BhiFab

Gàradh Àirinis

Tha dùil ri naidheachd feasgar Dimàirt bhon Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, mun chompanaidh innleadaireachd BiFab, aig a bheil làraichean sna h-Eileanan an Iar agus Fìobha.

Chaidh an obair ann an Gàrradh Àranais a thoirt gu ceann air a' mhìos a chaidh an dèidh do chùmhnant airson uidheamachd do thuath-gaoithe Bhreatice ann an Linne Mhoireibh a bhith ullamh.

Tha aithrisean air a bhith ann gu bheil a' chompanaidh Chanèidianach, DF Barnes, a' beachdachadh air BiFab a ghabhail thairis.

An-uiridh thabhann Riaghaltas na h-Alba iasad de £15m do BhiFab agus duilgheadasan ionmhais aig a' chompanaidh.