JV Driver a' ceannach làraich BiFab

Gàradh Àirinis

Tha na trì gàraidhean togail aig BiFab ann am Fiobha agus Leòdhas gan ceannach le companaidh Chanèidianach, le Riaghaltas na h-Alba a' cumail beag-chuid de earrannan.

Tha dòchas gu bheil an t-aonta a' ciallachadh nach dùin na làraich.

Tha BiFab air a bhith a' togail uidheamachd do thuath gaoithe Bheatrice, ach leis a' chumhnant sin a' tighinn gu ceann theab gun deach a' chompanaidh ann an làmhan luchd-rianachd bho chionn beagan mhìosan.

Bha dragh gur dòcha gun deadh na làraich ann am Burntisland, Methil agus Àirinis, faisg air Steòrnabhagh, a dhùnadh.

Chan eil ach mu shianar ag obair ann an Àirinis an-dràsta.

Tha iadsan urra ri obair cùraim agus càraidh aig an fhactaraidh.

Aonta

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba feasgar Dimàirt gun robh iad air aonta a dhèanamh leis a' chompanaidh Chanèideanach mhòr, JV Driver, tron fo-chompanaidh DF Barnes, a ghabhas smachd air na làraich.

'S iad Riaghaltas na h-Alba a bha air cùl an aonta, agus tha iad a' cumail beag-chuid de dh'earrannan na companaidh.

A' tadhail air an làraich ann am Methil, thuirt am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, nach robh gealltanasan ann a thaobh obraichean ach gur e ceum cudromach a bha son dha na trì làraich.

"Tha tòrr obair chruaidh air thoiseach oirnn.

"Chan eil freagairt shimplidh ann dha na làraich seo, ach tha am miann aig DF Barnes obair fhaighinn airson Burntisland, Methil agus Àirinis na cheum mhòr agus tha mi dhen bheachd gu bheil sin a' toirt a' chothrom às fheàrr do BiFab cùmhnantan ùra fhaighinn san àm ri teachd," thuirt i.

Thuirt Jason Fudge bho JV Driver gu bheil iad air a bhith ag obair air an aonta seo airson corr is bliadhna agus gu bheil iad gu math dòchasach gum faigh iad cùmhnantan ùra.