Cead 'son taighean ùra ann am Baile Eòghainn

Baile Eòghainn Image copyright Google

Thug comhairlichean cead do phlana airson 160 taighean a thogail ann am Baile Eòghainn air taobh sear Rois.

Tha a' chompanaidh togail Makar Earranta airson nan taighean a chur an earra-thuath air a' bhaile.

Dh'fhaighnich an comhairliche Kirsteen Currie am biodh goireasan sgoile gu leòr ann agus an robh ionmhas ann airson sin.

Thuirt oifigearan còmhairle gun robh deasbad ga chumail leis an luchd-leasachaidh mu a' chompanaidh a bhith a' toirt £250,000 seachad airson sin.

Chaidh meòrachadh air an iarrtas dhealbhachaidh aig comataidh dealbhachaidh a' chinn a tuath aig Comhairle na Gàidhealtachd.

Chuirear pròiseact eile aig Caidreachas Taigheadas na Gàidhealtachd airson 150 taighean a thogail an iar air a' bhaile fa chomhair na comataidh cuideachd.

Thèid planaichean nas mionaidiche airson sin a chur gu a' chomataidh an ceann greis.