Barrachd a' tadhal air làraichean eachdraidheil

Kisimul Castle Image copyright Handout

Thàinig e am bàrr gun deach àireamhan luchd-tadhail aig cuid de làraichean eachdraidheil air a' Gàidhealtachd agus anns na h-Eileanan suas gu mòr sa bhliadhna a dh'fhalbh.

Nochd fiosrachadh ùr bhon bhuidhinn Àrainneachd Eachdraidheil Alba.

Dh'fhoillsich iad na figearan ùra Diciadain airson na bliadhna ionmhais a tha dìreach air tighinn gu ceann.

Am measg nan làrach far an robh àrdachadh ann an àireamhan luchd-tadhail, bha Caisteal Chiosmail ann am Barraigh suas 8% agus thadhail corr air 15,000 duine air Taigh Dubh Àrnoil ann an Leòdhas an-uiridh.

Bha Caisteal Urchadain agus Dùn Deòrsa am measg nan àiteachan as trainge air a' Ghàidhealtachd.

Bha an àireamh dhaoine a thadhail air Caisteal Urchadain ri taobh Loch Nis suas 22% airson 2017/18, le Gearastan Deòrsa, faisg air Inbhir Nis, suas 24%.

Barrachd Albannaich

Thuirt Ruairidh Greumach bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba gu bheil am prògram telebhisean Outlander air daoine a tharraing gu na làraichean aca.

''Tha Outlander air a bhith a' dol bho 2014 agus bhon an sin tha sinn air àrdachadh fhaicinn ann an luchd-tadhail.

''Tha mar a tha beagan de lùghdachadh san nòt cuideachd ga dhèanamh nas fhasa do dhaoine tighinn a dh' Alba,'' thuirt e.

Thuirt Àrainneachd Eachdraidheil Alba cuideachd gu bheil barrachd Albannaich a tadhail air na làraichean aca a thuilleadh air barrachd dhaoine bhon a' chòrr dhan Rìoghachd Aonaichte agus bho thall-thairis.

Chaidh an àireamh a dhaoine a thadhail air na làraichean aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba seachad air còig millean sa bhliadhna ionmhais a dh' fhalbh, sin àrdachadh de 17%.

Chaidh plana fhoillseachadh leis a' bhuidhinn bho chionn ghoirid airson leasachadh air cuid de na goireasan aca.

Am measg eile, thèid leasachadh a dhèanamh air siostaman-teasachaidh, taighean-beaga agus solais aig grunn làraich.