Plana 'son togalaichean falamh

Togalach falamh
Image caption Dh'fhaodadh gun deadh togalaichean falamh a reic aig rùp poblach

Dh'fhaodadh gun tèid cumhachdan a bharrachd a thoirt do chomhairlean airson 's gum faigh iad sealbh air togalaichean agus pìosan fearainn a tha air a bhith falamh agus bàn fad greis.

Thòisich Coimisean Fearainn na h-Alba ag ullachadh mholaidhean airson òrdughan reic ùra a chur an sàs.

Chuirear Coimisean Fearann na h-Alba air dòigh an-uiridh airson coimhead ri dòighean tuilleadh ath-leasachadh fearainn a dhèanamh.

A thuilleadh air a bhith a' dèanamh ath-sgrùdaidh air poileasaidhean fearainn sgìrean dùthchail tha iad cuideachd a' coimhead ri togalaichean agus piosan fearainn ann am bailtean.

Tha an coimisean ag ràdh gu bheil mu 30,000 acair bàn ann am meadhan bhailtean agus choimhearsnachdan eile air feadh Alba.

Airson dèiligeadh ris an seo tha an coimisean a' moladh cumhachd ùr a cheadaicheadh comhairlean sealbh fhaighinn air togalaichean falamh agus pìosan fearainn beaga a tha air a bhith bàn fad ùine, agus an uairsin an reic ann an rùpan poblach leis an amas gun tèid an cur gu feum leis a' phoball.

Tha an Coimisean ag ràdh gum biodh na h-òrdughan reic ùra a' cumail ri còirichean seilbh ann an Cùnradh Eòrpach Còirichean a' Chinne Daonna.