BnaG a' togail dragh mu aithris aig a' Ph&J

Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
Image caption Dh'fhosgail Bun-sgoil Ghàidhlig ùr Phort Rìgh Diluain.

Sgrìobh ceannard Bhòrd na Gàidhlig chun a' phàipear-naidheachd am Press and Journal is dragh ann mu aithris a bh' aca air fosgladh Sgoil Ghàidhlig ùr Phort Rìgh.

Thuirt Shona NicIllinneinn gur e tàmailt a bh' ann, gu sònraichte, gun deach ceangal a dhèanamh eadar an sgoil ùr is gràin-chreideimh.

Anns an litir chun a' Ph&J, a sgaoil Bòrd na Gàidhlig air na meadhanan sòisealta, thuirt ceannard a' bhùird, Shona NicIllinnein, gur e gnothach togarrach do mhòran san Eilean Sgitheanach agus nas fhaide air falbh a bh' ann am fosgladh na sgoile ùire ann am Port Rìgh.

Thuirt i gur e briseadh-dùil a bh' ann gun robh pìosan den aithris a bha dubhach.

Gràin-chreideimh

Thog i dragh gu sònraichte air beachd bho chomhairliche san Eilean Sgitheanach, Iain Fionnlasdan.

A rèir a' Ph&J, thuirt Mgr Fionnlasdan gun robh e duilich nuair a bha an còrr de dh'Alba a' dèanamh adhartais an aghaidh gràin-chreideimh agus sgaradh, gun robh an sgoil ùr air sgaradh a dhèanamh ann am Port Rìgh.

Bha Mgr Fionnlasdan cuideachd air bruidhinn air sgaraidhean ann an agallamh leis a' BhBC.

Thuirt Shona NicIllinnein gun d'thàinig an sgoil ùr gu buil air sgàth 's gun robh iarrtas ann agus às dèidh iomairt.

Thuirt i gu bheil sgoiltean Gàidhlig ann an Inbhir Nis, sa Ghearasdan, agus ann an Dùn Èideann 's Glaschu air soirbheachadh gu mòr, is gu bheil a h-uile dùil aig Bòrd na Gàidhlig gur e sin a thachras ann am Port Rìgh cuideachd.