Ceist ann am bi Fèis Leabhraichean an Eilein Sgitheanaich ann tuilleadh

An t-Eilean Sgitheanach

Tha ceist ann am bi Fèis Leabhraichean an Eilein Sgitheanaich ann tuilleadh agus fèis na bliadhna seo dheth.

Dh'innis stiùiriche Àrois, Dòmhnall Dòmhnallach, far an robh an fhèis a' dol air adhart, gun do dh'fhaillich orra taic airgid fhaighinn bho Alba Chruthachail agus nach eil roghainn aca ach fèis na bliadhna seo a chur dheth.

Thuirt Alba Chruthachail nach robh airgead gu leòr aca airson taic a chumail ris a h-uile tachartas, agus gun e nan comas ach taic a chur ris an treas chuid dhe na h-iarrtasan a chuireadh thuca.

Tha an fhèis leabhraichean trì latha an dèidh bhith a' dol air adhart aig Ionad Àrois ann am Port Rìgh airson ochd bliadhna.

Thuirt Dòmhnall Dòmhnallach gun thòisich iad a' cur air adhart fèis na bliadhna seo agus gun robh iad air a h-uile duine fhastadh, ach nuair a thàinig fios nach fhaigheadh iad taic bho Alba Chruthachail, gun tàinig orra innse dha na sgrìobhadairean nach bi an fhèis a' dol air adhart.

Bha e ag ràdh: "Tha an fhèis fhèin a' cruthachadh airgid agus tha Bòrd na Gàidhlig a' cur taic ris an fhèis agus rinn iadsan sin mar a dh'iarr sinn, ach chan urrainn dhuinn an fhèis a ruith gun taic bho Alba Chruthachail - tha sinn a' sùileachadh 's dòcha 40% dhen airgead a thighinn bho Alba Chruthachail."