Cùmhnant do dh'Àranais deireadh a' Chèitein?

Gàrradh Àranais

Tha Rùnaire Eaconomaidh na h-Alba, Keith Brown, ag ràdh gum bi fios aig deireadh na h-ath-mhìos a bheil a' chompanaidh DF Barnes air cùmhnant a bhuannachd airson nan gàrraidhean togail a th' aca ann am Fìobha agus an Leòdhas.

Thuirt Mgr Brown gu bheil Gàrradh Àranais ann an staid nas fheàrr na na gàrraidhean eile, a rèir na companaidh, agus gum faodadh obair ùr co-cheangailte ri luingeas a dhol a Steòrnabhagh.

Tha e cuideachd a' smaoineachadh gum biodh a' chompanaidh deònach a dhol a mhìneachadh do mhuinntir Leòdhais dè a th' aca san amharc.

Thuirt Mgr Brown gu bheil DF Barnes toilichte le ìre uidheamachaidh Ghàrradh Àranais, ged a dh'fhaodadh iad tuilleadh uidheamachd a chur ann a rèir dè seòrsa obrach a gheibh iad.

Thuirt e gun tig fios cò fhuair a' chiad chùmhnant airson tuath-gaoithe bhig a-mach à Obair Dheathain deireadh na h-ath-mhìos.

Tha cùmhnant tòrr nas motha airson tuath-gaoithe Linnhe Mhoireibh ga fhoillseachadh nas fhaide den bhliadhna.

Thuirt e a thuilleadh air ola, gas is cumhachd ath-nuadhachail, gum biodh obair ri dhèanamh a' leasachadh shoithichean airson 's gun dèan iad nas lugha truaillidh bho a bhith a' losgadh ola, agus gum biodh cothrom math aig Àranais air earrainn dheth sin fhaighinn.

Thuirt e gun robh esan ag iarraidh phreantasan fhaicinn gan trèanadh an Àranais - rud nach do rinn Bifab - ach gun robh sin an urra ri DF Barnes a bhith a' faighinn chùmhnantan gu leòr airson obair a chumail a' dol fad bhliadhnaichean.