Corp Liam Colgan air a lorg

Liam Colgan Image copyright LBT/Colgan family

Chaidh a dhearbhadh gur e corp Liam Colgan, à Inbhir Nis, a chaidh a lorg ann an Abhainn Elbe ann an Hamburg sa Ghearmailt.

Chaidh Liam, 29, a dhìth 's e air thuras air thoiseach air banais a bhràthar, Èamonn, anns a' bhaile, air an 10mh là den Ghearran.

Ged nach deach aithneachadh foirmeil a dhèanamh air a' chorp fhathast, thuirt Urras Lucy Blackman, a' bruidhinn às leth an teaghlaich, gun robh cead-dràibhidh Mhgr Colgan ann am pocaid na seacaid a bh' air a' chorp, agus 's e an t-aodach a bh' air Mgr Colgan an oidhche a chaidh e a dhìth a bh' air cuideachd.

Dh'iarr an t-Urras gun toirear prìobhaideachd do theaghlach Mhgr Colgan aig an àm seo.

"Tha an t-uabhas taic air nochdadh anns a' chùis seo - ghabh na mìltean dhaoine pàirt anns an iomairt gus Liam a lorg, gach cuid Gearmailtich agus Breatannaich, agus bu mhath leinn taing a thoirt dhaibh uile airson na taic a nochd iad," thuirt Àrd-Stiùiriche an Urrais, Matthew Searle.

"Tha na smuaintean againn, gu nàdarra, le teaghlach agus caraidean Liam an-diugh," thuirt e.