Urchraichean mòra troimhe

Iomain

Chaidh na sgiobaidhean ris a bhiodh dùil air adhart anns na cupanan aig tuath is deas, ged a bha cùisean na b' fhaisge na bha cuid a' sùileachadh 'son feadhainn dhiubh.

Bha Baile Ùr an t-Slèibh, a tha a' dìon Chupa MhicThàmhais, feumach air slaicean peanais 'son faighinn seachad air Gleann Urchadain às dèidh dha na sgiobaidhean crìochnachadh 2-2.

Theab is nach do theab do sgioba a' Ghlinne, a bha air thoiseach 2-1 faisg air deireadh ùine a' bharrachd.

Bha Càbar Feidh ro mhath dhan Ghearasdan, a' buannachadh 5-0, is thug Ceann Loch Seile pronnadh 7-2 air Loch Abar.

Bha e na b'fhaisg ann am Port Rìgh. Bha Lòbhat air thoiseach 2-0 aig leathach ùine ach chum na Sgitheanaich a' dol is Jordan Murchison a' faighinn tadhal air ais.

Adhartas

Chrìochnaich e 2-1 ach dòchas air choireigin dha na Sgitheanaich gu bheil iad air an t-slighe cheart.

Thèid an taghadh a dhèanamh 'son na h-iar-chuairt deireannaich Diardaoin.

Bha tadhail gu leòr aig deas sa Chupa Cheilteach.

Rinn Camanachd an Òbain an gnothach 9-0 air Baile a' Chaolais, chaidh Inbhir Aora troimhe 7-0 an aghaidh a' Chaoil Ghlinne is shoirbhich Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal 6-1 an aghaidh Eilein Bhòid.

Bha Caol Bhòid troimhe mar-thà, is Tatha For air tarraing a-mach às an fharpais, ach bha deagh là aig sgioba Thaigh na Bruaich co-dhiù is iad a' buannachadh 3-1 an aghaidh Cheann a' Ghiuthsaich sa Phrìomh Lìog.

Ann an Lìog Tuath 2 rinn sgioba làidir à Loch Abar a' chùis air na Leòdhasaich 7-1.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile