Adhartas do dh'Ospadal Bharraigh

Bòrd Slàinte nan Eilean Siar

Chaidh fàilte air an naidheachd gun deach cead a thoirt do Dhreach-Chùis Ghnothachais 'son ospadail ùir ann am Barraigh.

Dh'aontaich Bòrd Slàinte nan Eilean Siar ann an 2012 gum bu chòir goireasan slàinte ùra a thogail air an làraich far a bheil Ospadal Naomh Briannan san eilean, is iad ag aideachadh nach robh an t-ospadal freagarrach san là a th' ann.

'S iomadh dàil a chaidh air a' chùis bhon uairsin ge-tà.

Thog an comhairliche Bharrach, Dòmhnall Manford, dragh an-uiridh nach deach pàipear gnothachais 'son ospadal ùr a thogail a chur dhan Riaghaltas sgiobalta gu leòr.

Tha Riaghaltas na h-Alba a-nise air gabhail ris an Dreach-Chùis Ghnothachais sin.

Bha an Comh. Manford am measg na chuir fàilte air an naidheachd.

"'S e seo an ceum mòr air adhart air an robh sinn ag amas bho chionn fhada", thuirt Mgr Manford.

"Thàinig seo às dèidh coinneimh ann am Barraigh bho chionn ghoirid le Oifigich Buidheann In-ionmhais Chalpa an Riaghaltais Albannaich, is tha a' choimhearsnachd taingeil riutha", thuirt e.

Thuirt Mgr Manford gu bheil e an dòchas a-nise gun tèid cead a thoirt san aithghearrachd gu Làn-Chùis Ghnothachais.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile