Na Lochan troimhe an Cupa ABC

Ball

Tha na Lochan troimhe don chiad chuairt dheireannaich den t-seusan ann am ball-coise ionadail.

Rinn iad a' chùis air Nis 4-1 oidhche Luain.

'S e geama a bha seo a bha an ìre mhath seachad aig leathach-ùine is sgioba nan Loch 4-0 air thoiseach.

Thàinig trì de na tadhail sin sa chiad chairteal na h-uaireach.

Gheibh na Lochan a-mach oidhche Chiadain cò bhios nan aghaidh sa chuairt dheireannaich.

Bidh an iar-chuairt dheireannach eile sin ann eadar an Taobh Siar is Athletic aig Pàirc Chnoc nan Gobhar aig 6:30f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile