Fearghasan is Kettlewell air an dearbhadh aig County

Steafan Fearghasdan is Stiùbhart Kettlewell Image copyright SNS

Tha Ross County air Steafan Fearghasdan is Stiùbhart Kettlewell a dhearbhadh mar cho-mhanaidsearan a' chluba.

Tha an dithis air a bhith os cionn Chounty gu h-eadar-amail bho thoiseach a' Mhàirt às dèidh do dh'Owen Coyle Inbhir Pheofharain fhàgail.

Dh'innis County gum bi uallach air an dithis 'son ball-coise aig gach ìre den chluba, bhon chiad is dàrna sgioba sìos dha na sgiobaidhean òigridh.

Tha sin a' ciallachadh gun tèid stiùiriche ùr fhastadh airson acadamaidh Ross County is Fearghasdan san obair sin roimhe.

Chaidh Ridseard Brittain a dhearbhadh mar mhanaidsear na dàrna sgioba.

Tha County fhathast ann an staing mhòr aig bonn na Prìomh Lìge, ach thuirt an cathraiche, Roy MacGriogair, gur e co-dhùnadh furasta a bha seo dha.

Eòlas

Thuirt MacGriogair nach eil duine eile ann a tha cho eòlach air Ross County 's a tha an dithis, is e ag ràdh cuideachd gur e coidsichean air leth a th' annta.

A bharrachd air sin, thuirt e gun do sheall iad na comasan a th' aca bho ghabh iad smachd air a' chiad sgioba.

"San ùine ghoirid aca os cionn na ciad sgioba, bha e cho follaiseach nach b' urrainn dhuinn coimhead ann an àite eile 'son manaidseir ùir", thuirt e.

Thuirt Fearghasdan is Kettlewell gu bheil iad air an dòigh leis a' chothrom. Thuirt iad gu bheil iad ag obair gu math còmhla is gun robh e cudromach dhaibh smachd a bhith aca air ball-coise air feadh a' chluba.

"Bha e na tharraing dhuinn a bhith nar pàirt de structar mar seo", thuirt Kettlewell.

"Tha mi a' creidsinn nach eil an leithid aig cluba eile ann an Alba ach 's e cluba diofraichte a tha seo is uaireanan nì sinn rudan ann an dòigh dhiofraichte bho chlubaichean eile. Ach tha sinne gu làidir den bheachd gu bheil seo ceart 'son Ross County", thuirt e.

Tha an ath-gheama aig County ann Disathairne an aghaidh Hamaltan.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile