Rabhadh ùr mu dhùnadh bhancaichean

Luchd-iomairt.
Image caption Chaidh fianais a thogail san Aghaidh Mhòir nas tràithe air a' mhìos mu phlana gus meur RBS sa bhaile a dhùnadh.

Chuala buill aig Holyrood gum bi droch bhuaidh air coimhearsnachdan dùthchail ma dhùineas bancaichean gun ghoireasan eile a bhith air an cur nan àite.

Bha Comataidh na h-Eaconomaidh a' gabhail fianais Dimàirt air dùnadh bhancaichean.

Tha Banca Rìoghail na h-Alba an dùil còrr is 50 meur a dhùnadh ro dheireadh na bliadhna.

Chaidh innse dhan chomataidh gum bi sin a' ciallachadh aig deireadh 2018 gum bi an àireamh de bhancaichean ann an Alba air tuiteam còrr is 25% bho 2013.

Thuirt Barry McCulloch bho Chaidreachas nan Gnìomhachasan Beaga gu bheil e doirbh dha companaidhean mura h-eil iad faisg air banca.

Call

Thuirt e nach eil goireasan a bhios bancaichean mar as trice a' cur an àite àiteachan a tha iad a' dùnadh - bancaireachd air loidhne no bhana - idir co-ionnan ri meur ionadail.

Tha an suidheachadh fiù 's nas miosa ann an sgìrean dùthchail, thuirt e, is am banca as fhaisge tric pìos air falbh.

Bha rabhadh ann cuideachd bho Pete Cheema bho Chaidreachas Ghròsairean na h-Alba.

Thuirt e gu bheil dùnadh bhancaichean mar thà a' toirt buaidh air companaidhan beaga, is gum bi a' bhuil ann 'son eaconomaidh na h-Alba ma leanas cùisean.

Dh'iarr e air luchd-poileataigs a dhol an sàs ma tha aon bhanca air fhàgail ann am baile is moladh ann a dhùnadh.

Tha RBS is Banca na h-Alba ag ràdh nach eil dol às aca ach cuid de na meuran aca a dhùnadh is an àireamh de dhaoine a tha a' cur feum orra a' tuiteam gu mòr.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile