Leasanan Mandarin air fàire sna h-Eileanan Siar

Mandarin Image copyright Getty Images

Tha a h-uile coltas ann gum faigh sgoilearan anns na h-Eileanan Siar cothrom air leasanan Mandarin a ghabhail a dh'aithghearr.

Tha e-Sgoil an-dràsta a' sireadh luchd-teagaisg a bhios comasach air na leasanan a lìbhrigeadh tro bhideo às dèidh do sgoilearan iarrtas a nochdadh.

"Tha iarrtas air a bhith ann o chionn iomadach bliadhna," thuirt Ceannard e-Sgoil, Aonghas MacIllInnein.

"Ma choimheadas sinn air an fhiosrachadh a tha a' tighinn a-steach bhon chloinn.

"Thathar a' faighneachd dè na cuspairean a bu mhath leotha fhaicinn air na clàran anns na sgoiltean, 's tha Mandarin air a bhith a' nochdadh tric is minig.

"Agus mar sin bha sinne a' cur romhainn gum feuchaiste dòighean a lorg gun lìbhrigeadh sinn seo tro na h-Eileanan an Iar gu lèir ma bha an t-iarrtas ann.

"Bhruidhinn sinn ri Institiùd Chonfucius ann an Glaschu - no bhruidhinn iadsan rinne, 's e a bh' ann - agus bha sinn shìos ann an sin aig coinneamhan.

"'S tha sinn an dòchas gum bi sinn a' fastadh luchd-teagaisg airson Mandarin anns a' bhliadhna a tha a' tighinn," thuirt e.