"Ionnsaigh dhrabasta" an Inbhir Nis

Tha na Poilis ann an Inbhir Nis air fiosrachadh iarraidh às dèidh aithris gun deach ionnsaigh dhrabasta a thoirt air boireannach air an deireadh-sheachdain.

Tha dùil gun do thachair seo feasgar Didòmhnaich ann an togalach ann an sgìre Dhail an Eich den bhaile.

Thathas airson bruidhinn ri fear a chunnacas a' coiseachd bhon bhaile chun na sgìre, le seacaid dhearg air, ceap baseball, briogais dhubh agus brògan dubha.

Tha dùil gun robh e cuide ri boireannach le còta fada uaine oirre.