Gluasad ann am foghlam Gàidhlig Ìle

Ionad Gàidhlig Bhogh Mhòir

Tha coltas ann gu bheil piseach a' tighinn air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an Ìle.

Leis gun robh na h-àireamhan cho beag ann an Ionad Gàidhlig Bun-Sgoil Bhogha Mhòir roghnaich an sgoil rud gu tur ùr fheuchainn agus clann na sgoil-àraich a chur cuide ri P1 gu P3.

Às dèidh bhliadhnaichean de dh'àireamhan ìosal, tha sianar a-nis san sgoil-àraich.

Tha an t-ionad Gàidhlig a-nis air geàrr-liosta Duaisean Foghlaim na h-Alba.

Tha iad ann an roinn duaisean foghlaim Ghàidhlig cuide ris an e-Sgoil sna h-Eileanan an Iar agus Sgoiltean Chon Dobhraid agus Greenfaulds ann an Ceann a Tuath Siorrachd Lannraig.

Inbhe

Thuirt an tidsear Gàidhlig, Ciorstaidh Alexander, nach robh ach ceathrar aice eadar P1 agus P3.

"Nam biodh clas aca fhèin cha bhiodh mòran chothroman aca airson rudan sòisealta.

"Leis gu bheil dithis againn - mi fhìn agus Morven - a-staigh, bidh an dithis againn a' bruidhinn Gàidhlig le chèile agus bidh a' chlann cuideachd a' cluinntinn deagh Ghàidhlig bhuainne agus bidh an sgoil-àraich a' cluinntinn an fheadhainn mhòir cuideachd.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil inbhe na Gàidhlig air fàs ann an Ìle cuideachd leis gu bheil barrachd chloinne a' tighinn a-steach ann," thuirt i.

Thadhail luchd-sgrùdaidh air an sgoil bho chionn ghoirid agus thug iad deagh chomharran dhi.

Tha ceannard na sgoile, Maureen NicDhòmhnaill, den bheachd gu bheil a' chlann air fad a' faighinn buannachd às.

"Bidh clann eadar aois trì agus clas trì ann an suidheachadh far am bi iad a' cluinntinn Gàidhlig fad na h-ùine a' cur fòcas air ionnsachadh tro chluich agus aig an aon àm a' toirt dùbhlain dhan fheadhainn as sine," thuirt i.

Ged a tha na h-àireamhan sa bhun-sgoil fhathast gu math beag le sianair a-nis san sgoil-àraich tha dòchas gun tig leudachadh air sin san àm ri teachd.