CMAL a' ceannach bhàtaichean Serco

MV Hamnavoe Image copyright Terry Robinson/Geograph
Image caption An-dràsta tha an MV Hamnavoe, an MV Hrossey agus an MV Hjatland aig Serco air màl bho Bhanca Rìoghail na h-Alba, le Serco gan ruith.

Gabhaidh a' chompanaidh Caledonian Maritime Assets, no CMAL, sealbh air na trì bàtaichean aiseig a tha a' ruith sheirbheisean do na h-Eileanan mu Thuath.

Fhuaireadh iasadan bho Riaghaltas na h-Alba airson leigeil leotha na bàtaichean a cheannach.

'S ann le CMAL a tha bàtaichean aiseig ChalMac air fad.

An-dràsta tha an MV Hamnavoe, an MV Hrossey agus an MV Hjatland aig Serco air màl bho Bhanca Rìoghail na h-Alba, le Serco gan ruith mar bhàtaichean aiseig eadar Tìr-Mòr na h-Alba agus na h-Eileanan mu Thuath.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh sgrùdaidh air an dòigh sa bheil iad a' toirt chùmhnantan seachad airson nan seirbheisean seo, agus tha iad air aontachadh le Serco gun lean iad orra na seirbheisean a ruith chun an Damhair 2019 airson barrachd ùine a thoirt dhaibh an sgrùdadh a dhèanamh.

Aig a' cheart àm chaidh aonta a ruighinn a chì CMAL, aig a bheil bàtaichean aiseig ChalMac, a' ceannach nan trì bàtaichean aiseig bhon Bhanca Rìoghail.

Fhuair CMAL iasadan bhon Riaghaltas airson seo a dhèanamh.

Tha an t-aonta air ceistean a thogail a bheil Riaghaltas na h-Alba a' dol a chur stad air na cùmhnantan a dhol gu tairgse agus na seirbheisean a ruith iad fhèin.