Ìrean màil a' cur dhaoine am bochdainn

Airgead Image copyright PA

Tha na ceudan dhaoine air Ghàidhealtachd gan cur ann am bochdainn ri linn cosgais àrd dhachannan air màl bho uachdarain phrìobhaideach.

'S e sin beachd na buidhne carthannais taigheadais, Shelter, an dèidh do dh'fhigearan ùra bhon chompanaidh reic Your Move sealltainn gu bheil màl air Ghàidhealtachd ag èirigh nas luaithe na sgìre sam bith eile de dh'Alba.

Sa bhitheantas tha aig daoine air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan ri £656 gach mìos a phàigheadh ri uachdaran prìobhaideach. Tha sin 15% nas àirde na an ìre choitcheann airson Alba.

"Bidh sinn a' pàigheadh cuid den mhàl as àirde san Roinn Eòrpa," thuirt James Battye, bho Shelter.

"Tha cuid de dh'aithrisean ag innse gu bheil sinn a' cosg mu 40% den teachd-a-steach againn air màl, an coimeas ris an ìre chuibheasaich san Roinn Eòrpa, sin 28%.

"A thuilleadh air sin chuir cosgais taigheadais 170,000 duine a bharrachd ann am bochdainn ann an Alba an-uiridh.

"'S e adhbhar dragh dha-rìribh a tha sin.

"'S e am prìomh fhuasgladh air sin dha-rìribh, a bhith a' dèanamh cinnteach gum faigh sinn uimhir 's a ghabhas de dhachannan air màl reusanta air an togail air feadh na h-Alba, gu h-àraid ann an sgìrean far a bheil cruaidh-fheum orra.

"'S e deagh eismipleir dha-rìribh dheth sin a th' anns a' Ghàidhealtachd, far nach eil e an-còmhnaidh furasta dachaigh a lorg a ghabhas pàigheadh air a shon ann an àite far am feum thu fuireach," thuirt e.