Gnothaichean pearsanta gan lorg aig iasgair a tha a dhìth

Abhainn Oiceall Image copyright Donald Bain/Geograph

Tha sgiobaidhean-teasargainn a tha a' sireadh iasgair a chaidh a dhìth ann an Cataibh air cuid de na gnothaichean pearsanta aige a lorg.

Chaidh Iain McMullen fhaicinn mu dheireadh Diardaoin.Thòisich iomairt-teasairginn nuair nach do thill Iain McMullen, 80, à Hertfordshire, mar a bha còir bho thuras iasgaich ann an Cataibh Diardaoin.

Chaidh Mgr McMullen fhaicinn mu dheireadh faisg air Drochaid Oiceall goirid às dèidh còig uairean feasgar Diardaoin.

Tha an iomairt air a bhith a' leantainn bhon uairsin, is ged a chaidh slat-iasgaich is ad le Mgr McMullen a lorg, cha d'fhuireas sgeul air fhèin.

Tha Iain MacMullan còig troighean is naoi oirlich a dh'àirde is tha làrach air aodann.

Bha briogais wader liath, is 's docha seacaid shàbhalaidh liath air nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo